Fir-tàilisg Leòdhais ann a Museum nan Eilean

Thàining luchd-turais chudromaich dha rìreamh gu baile Steòrnabhagh an t-seachdain sa chaidh agus iad gu bhith còmhla rinn airson coig mìosan…cò eile ach Fir-tàilisg Leòdhais.

An dèidh dhaibh daoine a tharraing thuca ann a Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Ionad-taisbeanaidh Ealain Obar Dheathain agus ann a Taigh-tasgaidh agus tasglann Shealtainn, ràinig iad Steòrnabhagh far am bi iad, aig Museum nan Eilean chun an t-Sultain.

Mar as trice, tha 82 pìosan air an cumail ann a Taigh-tasgaidh Bhreatainn agus 11 eile ann an Dun Èideann aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. Chaidh fhaighinn lorg oirre ann an 1831 air Bàgh Ùig ann an Àrdroil le Calum Macleòid agus thill 11 dhuibh air ais a dh’ Ùig ann an 2000 airson aon latha.

Dean air Museum nan Eilean ann a Steòrnabhagh airson sealladh fhaighinn air na pìosan inntinneach breagha a tha seo a tha fhathast ag adhbharachadh deasbad dùrachdach ann a daoine.

 http://www.nms.ac.uk Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba

http://www.cne-siar.gov.uk/museum/ Museum nan Eilean

About David Powell

Project Manager and Archivist with Tasglann nan Eilean Siar
This entry was posted in Uncategorized. Bookmark the permalink.

Comments are closed.