A’ trèandh còmhla ri Comunn Eachdraidh Tholastaidh

Rinn David agus Donna air Comunn Eachdraidh Tholastaidh oidhche ‘Chiadain sa chaidh airson a chiad seasan trèanaidh a’ dèanamh còmhla ris a’ bhuidheann.

Sheall sinn còmhla air eisimpleirean de chlàran a th’ aca, man litrichean Dòmhnall MacDhòmhnaill a thàinig bho air feadh an t-saoghal agus leabhraichean log bho ‘n sgoil.

Bhruidhinn sinn air na diofar dhòighean a th’ ann dèiligeadh le cruinneachaidhean mar seo gus siostam tasglann a leasachadh. Bha muinntir a’ Chomunn Eachdraidh mothachail air adhbharan tasglann agus carson a tha e cudromach an obair agus an trèanadh seo a dhèanamh.

Tha sinn an dòchas gun cur iad an trèanadh gu buil anns na mìosan ri thighinn agus bi sinn a’ tilleadh an t-seachdainn sa tighinn airson an dàrna seasan a dheanamh! Ceud taing gu Domhnall airson a’ chamera a thoirt leis agus gu Rhoda airson an dealbh a thogail.

About David Powell

Project Manager and Archivist with Tasglann nan Eilean Siar
This entry was posted in Uncategorized and tagged , , . Bookmark the permalink.

Comments are closed.