Bàrd Scalpaigh – Dòmhnall R Moireasdan

Chriochnaich mi cruinneachadh obair Dòmhnall R Moireasdan, Bàrd Scalpaigh, aig deireadh an t-seachdain sa chaidh. Am measg a’ chruinneachaidh, tha bàrdachd, sgeulachdan goirid, irisean pàipearan naidheachd agus litrichean ri leughadh.

Seo eisimpleir beag de dealbh agus litir (GD3/10/1/1/17) a bha am measg cruinneachadh Bàrd Scalpaigh. Chithear Domhnall anns an dealbh, na sheasamh ann a doras na butha a bha e a’ ruith comhla ri phiuthar. Chaidh an dealbh a thogail le Mgr R. Kools no A’ Bh. H.V Maastcker as an Òlaind, a bha air turas seòladh anns na h-Eileanan Siar ‘s a thàinig a-steach gu bùth Dhòmhnaill agus a cheannaich dà gheansaidh! Gu foilleasach, chòrd a’ bhùth ri na dithis!

Mhothaich suil bhiorach Katie Anne gu bheil stampa Unicef aig bonn na litir agus ma tha fios agaibh carson a bha seo, leig fios. Am measg na thug Domhnall dhan Leabharlann thairis air na bliadhnaichean airson a chumail sabhailte, tha leabhraichean Gairm far an do nochd a’ bhardachd agus gearraidhean den airtigail a bha Domhnall a’ sgriobhadh dhan Oban Times.

Ma tha sibh airson cruinneachadh Dòmhnall R Moireasdan fhaicinn, leig fios air post dealain air tasglann@cne-siar.gov.uk neo air 01851 822 750.

About David Powell

Project Manager and Archivist with Tasglann nan Eilean Siar
This entry was posted in Uncategorized. Bookmark the permalink.

Comments are closed.