Na Comainn Eachdraidh / The Local Historical Societies

Beurla gu h-iosal / English is below

Seachdain eile seachad agus cha mhòr deireadh a’ mhìos cuideachd! Doirbh a chreidsinn gu bheil an darna leth dhen bhliadhna agam aig an Tasglann air a dhol seachad mu thràth ach tha gu leòr agam ri dhèanamh ron Lùnastal.

Mar phàirt den seirbheis a tha an tasglann a’ toirt seachad, bi sinn gu math tric a’ tadhal air buidhnean ionadail, na Comainn Eachdraidh, airson comhairle, taic agus fiosrachadh a thoirt seachad. An t-seachdainsa, chaidh mi fhèin is Seonaid sìos dhan na Hearadh, dhan t-Ob airson coinneachadh ris an Comann Eachdraidh is ùra anns na h-Eileanan an Iar. Tha seo a’ leantail air a’ chuspair air an robh mi a’ bruidhinn air an t-seachdain sa chaidh – Fo-ruigheachd neo Outreach.

Tha dùil aig Comann Eachdraidh Cheann a Deas na Hearadh taigh-tasgaidh fhosgladh ann am pàirt den t-seann sgoil an t-Ob. Tha e cudromach coinneachadh le buidhnean mar seo agus taic a thoirt dhaibh, ‘se an aon amas a th’againn air fad, eachdraidh na h-Eileanan a’ ghlèidheadh airson ginealaichean eile.

A bharrachd air a’ bruidhinn air na planaichean aca agus na h-amasan aca, bha gu leòr sgeulachdan aca ri innse mu Ceann a Deas na Hearadh, rud a gheibh sibh cothrom barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn nuair a tha iad air stuth a’ steidheachadh. Agus bi tasglann coimhearsnachd aca fhèin airson dealbhan agus gnothaichean dhen t-seòrsa sin ann.

Agus ‘se seo an rud a tha mise a’ faicinn a tha cudromach mu dheidhinn na Comainn Eachdraidh anns gach sgìre, gu h-àraidh na bailtean beaga, tha eachraidh iongantach aca ri innse. Mu bha sgoil, eaglais neo togalach mòr eile san sgìre, bi sgeulachdan a’ leantainn na àiteachan sin a tha ag innse tòrr mun choimhearsnachd agus cuideachd ag innse gu leòr mun choimhearsnachd an latha an-diugh.

Abair latha a bh’ againn airson tadhal air na Hearadh, ged a bha gaoth is uisge ann, tha daonnan sealladh àlainn a’ choireigin ann. Tha e doirbh uaireannan siubhail eadar a h-uile eilean is baile a th’anns an h-Eileanan an Iar ach ni sinn oidhirp sin a dhèanamh mu thèid fiathachadh a thoirt dhuinn.

Tha mi an dòchas gun tèid gu math leis an Comann Eachdraidh ùr agus nach bi fad ann gu faigh mi sùil a thoirt air na aca san tasglann!

Abair latha anns na Hearadh air obair. Great day to be in Harris for work!

Abair latha anns na Hearadh airson obair. Great day to be in Harris for work!

Harris 2

 

The Local Historical Societies

The end of another week and almost the end of another month. It’s hard to believe I am half way through my year with the Tasglann already but I have a lot to do before August!

As part of the service the Tasglann provides, we often visit local groups, in particular the Comainn Eachdraidh or historical societies to help support them by providing advice and information. This week myself and Seonaid went to visit the newest historical society in the Western Isles. This follows on from my theme last week about Outreach. The local historical societies are very much part of our Outreach activities to tell them more about archives and the service we provide.

Comann Eachdraidh Cheann a Deas na Hearadh (South Harris Historical Society) hope to create a local museum within the old school. It’s important for us to meet with historical societies and to support them. We have the same aim at the end of the day, conserving the local history for future generations.

As well as finding out about the Comann Eachdraidh’s plans, we were told about the special stories that South Harris has to tell, something you will be able to find out about once they are up and running. They also hope to have a community archive with photos that you will be able to browse through.

And this is why I think the Comainn Eachdraidh are important, each one in each area has a unique history to tell. If there is a church, a school, a port or some other big building within the area, there will be stories in those buildings and more often than not , a history that shaped the community as it is today.

We had such a fantastic day visiting Harris, even though there was wind and rain, the views were still amazing. It might be a challenge at times to travel to different areas of the islands but I always find that the effort is worth it.

I wish Comann Eachdraidh Ceann a Deas na Hearadh well and hope it won’t be long before I get to visit their new premises.

Please note: Comann Eachraidh = (singular) one historical society, Comainn Eachdraidh = (plural) historical societies

This entry was posted in Uncategorized. Bookmark the permalink.

Comments are closed.