Rèidio, Rannsachadh agus Pàipear ‘Marble’

‘Se Dihaoine a th’ann agus an t-seachdain sa bha mi smaointinn gum biodh e freagarrach blog Gàidhlig a’ sgrìobhadh. An t-seachdain sa bha mi a’ dèiligeadh le luchd-rannsachaidh agus a’ freagairt ceistean a bha air tighinn a-staigh agus aon rud a mhothaich mi ‘se cho feumail sa tha a dh’ Gàidhlig uaireannan airson dèiligeadh le daoine. Rinn e feum nuair a thàinig aon neach-rannsachaidh a-staigh aig an robh Gàidhlig. Bha e math cothrom Gàidhlig a bhruidhinn leis a’ phoblach.

Chaidh m’ fhaighneachd a dhol air an rèidio an t-seachdain sa air a shailleabh cuideachd airson beagan innse mun obair agam agus an Tasglann. Mu tha sibh airson èisteachd ris, tha e ri fhaighinn aig deireadh a’ phrògram aig Coinneach MacÌomhair an seo http://www.bbc.co.uk/programmes/b07wsmpt

Tha mi smaointinn an rud a chur iongnadh is motha air Coinneach mun obair, ‘se gu bheil againn ri rudan a thigeas a-staigh a chur dhan reothadair airson na biastagan a mharbhadh. Tha seo airson dèanamh cinnteach nach eil rud sam bith a tha a’ tighinn a-staigh dhan Tasglann a’ dol a dhèanamh milleadh neo cron air na rudan a tha againn mu thràth. Gu h-àraidh air na leabhraichean as sinne againn far a bheil pàipear ‘marble’ na bhroinn.

On a thoisich mi aig an Tasglann, tha uidh mhòr air a bhith agam air na duilleagan dathdach seo. Tha cuimhne agam nuair a bha mi san sgoil a bhith a’ cruthachadh pàipear ‘marble’ le tray làn uisge agus ink airson na dathan fhaighinn. Tha mi cuideachd a’ faicinn gu bheil seo a’ tilleadh air ais dhan fhasan agus daoine ga dhèanamh a-rithist. Seo eisimpleirean a tha mi fhèin air fhaighinn anns an Tasglann.

Cha bhith mi seo an ath sheachdain oir bi mi air làithean-saora, mar sin cha bhith blog ann an ath sheachdain. Chun an uairsin mu tha!marble paper 1IMG_1441

This entry was posted in Uncategorized. Bookmark the permalink.

Comments are closed.