A’ cuimhneachadh air Detroit

Bidh cothrom eile èisteachd ri turas Anna Nic an Lèigh à Siadar air Taobh Siar Leòdhais nuair a chaidh i air ais gu Detroit, far an do rugadh i.

Thàinig Anna a-steach a chèilidh orn ann a oifis an Tasglann air ais ann a 2010 airson sùil a thoirt air na clàran a th’ againn an seo air Comunn Leòdhas Dhetroit (Lewis Society of Detroit.) Fhuair sinn lorg air cuid de theaglach Anna anns na clàran agus lean sin air adhart chun an oidhche a chaidh a chumail ann a seòmar na Comhairle air “Ties Over the Atlantic.” Ma tha sibh airson sùil a thoirt air clàran a’ Chomunn, leigibh fios gu sgioba an Tasglann agus cuiridh sinn sin air dòigh.

Èistibh a-rithist ri Anna, an-diugh, aig 1.30f no an-nochd aig 10f air Radio nan Gàidheal.

About David Powell

Project Manager and Archivist with Tasglann nan Eilean Siar
This entry was posted in Uncategorized and tagged , , , . Bookmark the permalink.

Comments are closed.