An Tasglann agus na sgoiltean agus cuideachadh na meadhanan shòisealta!

Anns a latha a th’ann le iomadh dòighean na meadhanan shòisealta a chleachadh, tha e math gu bheil iad a’ toirt dhuinn an cothrom fios a thoirt dhuibh mun obair a tha sinn a’ dèanamh còmhla ri na sgoiltean a tha a’ dùnadh ann a 2012.

Tha Tasglann nan Eilean Siar air duilleag Facebook a chruthachadh airson Sgoil Shanndabhaig, Sgoil Scalpaigh, Sgoil Airidhantuim agus Sgoil Bharbhais far an urrainn dha sgoilearan an latha an-dè na cuimheachan aca sgriobhadh sios bho làithean na sgoile.

Ma phutas sibh air “Like” air an duilleag Facebook aig Tasglann nan Eilean Siar (no air an duilleag airson a sgoil a tha a’ buntainn ris a sgìre agaibh) faodaidh sibh teachdaireachd bheag fhàgail air an làrach lìn. Cumaidh an Tasglann fiosrachadh mu thachartasan sam bi a tha ri thighinn a thaobh comharrachadh beatha na sgoiltean.

Mar eisimpleir, bheir suil air duilleag Facebook Sgoil Airidhantuim. Tha Acair air pìos bàrdachd a chur air duilleag Facebook Cuimheachan Sgoil Airidhantuim a sgrìobh Tormod “Stuffan” Macleòd an uair a thòisich e mar neach-curaim na sgoile. Tha am pios ri lorg ann a leabhar bardachd Thormoid, “Tormod.” Ma tha sibh airson barrachd bàrdachd a’ leughadh bho Tormod, tha an leabhar ri fhaighinn sa Leabharlann.

About David Powell

Project Manager and Archivist with Tasglann nan Eilean Siar
This entry was posted in Uncategorized and tagged , , , , , , . Bookmark the permalink.

Comments are closed.