Airson a chur nur cuimhne, tha feasgar cuimhneachaidh gu bhith aig Sgoil Airidhantuim feasgar Diardaoin airson feasgar cuimhneachaidh a chumail air eachdraidh agus làthean na sgoile!
Tha na tidsearan agus clann sgoile airson cluinntinn bho a h-uile duine aig a bheil cuimhne air seann làthean na sgoile. Tha iad cuideachd airson cluinntinn bho duine sam bidh a tha deònach a bhith air an clàradh airson an taisbeanadh a tha dùil a bhith anns a sgoil an ath bhliadhn’.
Tha feasgar inntinneach a’ feitheamh oiribh le teatha agus cofaidh ri fhaighinn, le cùisean a’ toiseachadh aig 3.15f. Chì sinn ann sibh!