Dealbh Dihaoine – An Graphic aig Comunn Eachdraidh Nis

An t-seachdain sa, thadhail mi air Comunn Eachdraidh Nis agus bhruidhinn mi ri Anne air ciamar a tha a’ dol dhaibh anns an togalach ùr aca, seann Sgoil Chrois.

Ged a tha tòrr fhathast ri dhèanamh a thaobh stuth a thighinn a-mach a bucais agus stuth na sheasamh sa thalla, tha iad a’ dèanamh math dha rìreamh. Thòisich iad leis an oifis agus mar sin, tha hub aca far an obraich iad bho latha gu latha.

Thug sinn sùil anns an rum tasglann air taobh a-staigh an togalach. Sheall sinn air cruinneachadh Bhiobaill agus preas làn bhideo’s, tapaichean agus slides a chaidh a chruthachadh thairis air na deich bliadhna fichead sa bha am buidheann stèidhitche ann a Hàbost.

Tha sinn an dòchas obrachadh còmhla sa bhliadhn’ ùr airson tòiseachadh tòiseachaidh a dhèanamh air gach pres, bucas, folder, faidhle agus oisean a th’ aca! Bidh trèanadh ann cuideachd agus mar sin, bidh na sgilean aca fhèin airson cumail gach roinn cruinneachaidh ann an òrdugh!

Sheall Anne dhomh leabhraichean le irisean bho am pàipear An Graphic. Se pàipear naidheachd seachdaineach a bh’ anns An Graphic agus chaidh fhoillseachadh an toiseach air an 4mh Dùbhlachd 1869.

Thuirt Anne gun deach lorg fhaighinn air ann am bùth charthannas agus chaidh iad a shàbhalachadh airson an Comunn Eachdraidh. Se mun chiad Cogaidh a tha na h-irisean le dealbhan breagha agus sànasachd bhon t-àm. Mar a shaoileadh thu, chan eil iad ann a staid glè mhath ach tha math cluinntinn gu bheil an cothrom ann a-nis iad fhaicinn sa Chomunn Eachdraidh.

About David Powell

Project Manager and Archivist with Tasglann nan Eilean Siar
This entry was posted in Uncategorized and tagged , , , , . Bookmark the permalink.

Comments are closed.