Feasgar còmhla aig Sgoil Bharabhais

Air an 22mh An t-Samhain, choinnich sgoilearan bho an latha an-dè agus an-diugh ann a Sgoil Bharabhais airson feasgar neo-fhoirmeil a chuir na tidsearan, clann agus na pàrantan air dòigh airson cuimhneachan làithean na sgoile. Ged a bha gèile agus uisge ann, rinn daoine oidhirp mhath a thighinn chun na sgoile airson an tachartas.

Chaidh dà chlàr a chur ann a taisbeanadh, leabhar-latha Sgoil Bharabhais agus leabhar mionaidean coinneamhan Bòrd Sgoile Bharbhais. Bha iad seo a’ dol air ais gu 1878 airson an leabhar-latha agus 1873 airson leabhar na mionaidean. Bha ùidh aig a’ chlann anns na clàran a bha ri fhaicinn agus bha fhios aca cho cudromach sa bha iad chun an tachartas agus eachdraidh na sgoile. 

Chuir na sgoilearan a-mach pìosan pàipear airson a bhith a’ sgrìobhadh cuimhneachan. Chaidh an coire a chur air agus fhuair gach duine copan agus thòisich sinn!

  

Tha e math fhaicinn gu bheil priorities an dithis seo ceart!

Chunnaic sinn seann teisteanais airson fuaigheal a fhuair sgoilear à Barabhas agus teisteanas eile airson sgrìobhadh sgiobalta. Perfectionist dha rìreamh! Tha an Comunn Eachdraidh agus an sgoil ag iarraidh stuth sam bi a th’ agaibh bho bliadhnaichean na sgoile. Ma tha stuth agaibh, leig fios chun a sgoil no chun Chomunn Eachdraidh.

 

About David Powell

Project Manager and Archivist with Tasglann nan Eilean Siar
This entry was posted in Uncategorized and tagged , , , , , . Bookmark the permalink.

Comments are closed.