An ath oidhch’, bidh mi fhìn agus Katie Anne a’ dèanamh ar slighe sios a Scalpaigh airson an cruinneachadh a tha iad a’ cur air adhart airson eachdraidh an coimhearsnachd agus a sgoil a chlàradh.
Tha iad airson clàradh a dhèanamh air cuimhne a th’ aig daoine air laithchean na sgoile. Tòisichidh an oidhche aig 7f gu 9.30f agus gheibh sibh teatha agus cofaidh!
Ma tha moladh sam bi agaibh airson cuideachadh a thoirt dha Sgoil Scalpaigh leis a’ phròiseact seo, leig fios gu luchd na sgoile. Thigibh ann agus cuimhnich còmhla laithchean na sgoile le copan math teatha!