Ties Over the Atlantic – À Leòdhas gu Detroit

Bha seòmar na Comhairle làn air oidhche Luain airson tachartas Tasglann nan Eilean Siar “Ties Over the Atlantic – À Leòdhais gu Detroit” a’ coimhead air ceangalaidhean eadar Leòdhas agus Detroit.

Thòisich an oidhche le fàilte bho Coinneach Maciomhair a thug an àrd-urlar gu Bill Lawson, a bhruidhinn beagan air eilthireachd gu Ameiregaidh a Tuath agus Canada.

An uairsin, bhruidhinn mise air clàran Co-chomann Leòdhais Dhetroit agus dh’ innse mi mu cuid den criomagan inntinneach a leugh mi fhads a bha mi ag obair oirre. Mar eisimpleir, an uair a dh’ aontaich an Co-chomann nach robh muinntir na Hearadh airidh air a thighinn dhan a bhuidheann!

Ghluais an oidhche air adhart chun a’ phanel agus còmhla rinn air a’ phanel bha Anna Nic an Lèigh à Siadar Iarach a rugadh ann a Detroit agus a thill còmhla ri pàrantan. Marilyn Nicrisnidh, a rugadh agus a thogadh ann a Detroit agus a phòs duine à Leodhas. Bha a mac Alex air a’ phanel cuideachd agus Murchadh MacDhòmhnaill, a chaidh a-null a Dhetroit còmhla ri Coinneach Maciomhair. Dh’ innse gach duine fa leth mu na cenagalaidhean a th’ aca agus gum amharas, tha mi creidse gun robh dùisgean cuimhneachan aig tòrr a bha an lathair.

Bha an oidhche soirbheachail dha rireamh agus tha Sgioba na Tasglann airson taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine a dh’ aontaich pàirt a gabhail. Cuideachd, mìle taing dha Coinneach Maciomhair agus dha Bill Lawson air a bhith a’ bruidhinn. Mu dheireadh, tha taing mhòr a’ dol gu gach duine a thàinig bho air feadh an Eilein a dh’ èisteachd ris an oidhche.

Bheir sùil air am pìos sgrìobhaidh seo ann am Beurla airson barrachd dhealbhan.

About David Powell

Project Manager and Archivist with Tasglann nan Eilean Siar
This entry was posted in Uncategorized. Bookmark the permalink.

Comments are closed.