Cairdeas ar sinnsearachd…?

 

Eilean Tharasaigh

Aig an tachartas a chum an Tasglann shios ann an Lionacleit an t-seachdain sa chaidh, bha mi fhin agus Isa bho Comunn Eachdraidh Uibhist a Tuath a’ bruidhinn air co as a thaining ar sinnsearan.

Dh’ innse i dhomh gun do dh’ fhalbh cuid dhan na sinnsearan aice a Tarasaigh agus gun robh an ainm GilleMhoire air aon dhuibh ach ann am Beurla, bhiodh iad a’ sgriobhadh “Maurice” a bharrachd air “Morris”.

Bha e iongantach seo a chluintinn air sgaths gun d’tainig mo shinnsearan sa a Tarasaigh cuideachd air taobh m’athair. Cha chuala mi a-riabh an ainm Gillemhoire na chiad ainm ged ta! Thadhal mi fhin, m’athair agus mo sheanair air Tarasaigh deich bliadhna air ais (air bata beag a bha barrachd air ceud bliadhna a dh’ aois!!) a Govig anns na Hearadh agus chunnaic sinn eilean as an d’tainig iad. 

Dh’ aontaich mi ri Isa fiosrachadh a chumail thuice ma gheibh mi mach gun robh an ainm Gillemhoire air duine nam shinnsearachd mar chiad ainm. Dh’ fhaodadh seo fiosrachadh inntinneach a thogail – cum suil air blog na Tasglann…

About David Powell

Project Manager and Archivist with Tasglann nan Eilean Siar
This entry was posted in Uncategorized and tagged , , , . Bookmark the permalink.

Comments are closed.